Abbildungen der Seite
PDF
EPUB

Bhuail é 'n scia, an darra cuairt,
Ghluais coga, an aslin an t'shluaigh:
Bhith comh-sri nan lán glas—
A dcalra' air anam nan seoid,
Ciean-fheona a truita' gu cath,
Slua' a teicha, gniomh bu chruai',
Leth-dhoilleir, an deallan na stalin.
Nuair dh' erich, an darra fuaim,
Leum feigh, o chós nan cárn
Chluinte a screadan scé', sa n' fhasich-
Gach Ean, air osna fein.

Leth-erich siol Albin nam buaigh
Thog iad suas gach sleagh, bu ghlas:
Ach phíl sachir, air an l' shluaigh,
Se bh' án scia' Mhorbhein na mfras.
Phíl codal, air suilin na mfear :
Bu dorcha, tróm a nglean.

Ni mo chodal, duitse é, sa nuair,
Nion shuil-ghórm Chonmor na mbuaigh,—
Chuala Suil-mhalla an fhuaim

Dh' erich i, sa n' oicha, le cruaim:

Ta ceum gu ri Atha na ncolg:

Ni mosguil cunart anam borb.
Tróm a shési,—————a suilin sios.
Ta 'nspeur an losga nan reul.
Chualas lé sciath na ncòp.
Ghluais;-ghrad shés an Oi:—-
Dh' erich a gu'-ach dh' aom é sios.-
Chuinic ís é, na stalin chruai,
A dealra ri losga nan reul:
Chuinic is é, na leatan thróm.
Aig eri ri osna nan speur.
Thionta i ceamna, le fiamh,
Curson dhuisgimse Ri Erin na m Bólg,
Ni n' aslin do chodal u-fein,

A nion Inis-uina na ncólg.

Gu garg a mhosgul an torman; On' oi thuit a cean-bhért sios: Ta mforum, air carric nan sruth.

Plaosga, o aslin na h'oicha,
Ghluais Cathmor fa chrán fein.
Chuinicé n' Oi bu tla,

Air carric Lubhair nan sliabh :
Dearg reul, a sealla sios,—
Measc siubhal a tróm chíabh.

Cia 'ta roi Oicha gu Cathmor

An cear-amsair aslin fein?

Am bail fios duit, air sri na ncruai-bheum? Cia ussa, mhic dubhra nan speur ?

Na shés u, am fion as an Ri,

Do chaol-thannais, on n' am o-shean;

Na nguth u, o neoil nam fras,
Le cunairt Erin na ncolg sean?

Ni mfear siubhail dubora mi-fhein,

Ni nguth mi, o neol, na cruaim:
Ach ta m' fhocul, le cunairt na h' Erin.
An cualas duit coppan no fuaim?

Ni ntais é, Ri Atha nan sruth,

A thaomas an fhuaim air oicha.

Taomagh an seod a ghuth fein,

'S fon clarsich, do Cathmor an fhuaim,
Ta aitis, mhic dubhra nan speur,

Losga air m'anam, gun ghruaim.
Se ceoil chiean-fheona na ncruai-bheum,
A m' oicha, air asri' nan siän,
Nuair lasas anam nan són;

A chlán an cruadal do mian.

Ta siol-meata a nconi, na mfiamh,

A ngleanan na n' osna tlá,
Far an aom ceo-maidin, ri sliabh,
O ghorm-shuibhal sruthan na mblár.
Ni meata, chean-uia nan són,
An seans'ra', on thuit mi-fein,
Bu choni doigh dubhra nan tón,

An tir fhadda siol cholgach na mbeum.

Ach ni nsolas do m'anam tlá

Fuaim mhál a bhais on raoin,

Thig essin nach geil gu bràth;
Mosguil bard focuil a scaoin.-

Mar charric, 's sruthan ri taobh, 'M fasich na mfaoin bhean,

Shes Cathmor, cean-feona nach maoin,—
An deoir-

Mar oitag, air anam le brón,
Thanic guth caoin na h'oi,

Mosgla cuina talamh nan bean

A caomh-choni aig sruthan na nglean;
Roi n' am an d' thanic é gu borb
Gu cabhar Chonmor na nclog fiar.
A nion coigrich nan lán,

(Thionta i cean on d' shón)
'S fadda fa, m' shuil, an cruai,
Cran flathal Inis-uina nan tón.
Ta m' anam, do thubhairt mi-fein,

An truscan nan sian cear,

Car son a lassa an dealra so-fhein,

Gus am pil mi, an sí', on d' shliabh ?

Na ghlas m' aighai', na t' fhionas, a lamh-gheal,

'S tu togmhail do m' eagal an Ri?

'S am cunairt, annir nan tróm chiabh,
Am do m' anam, mór-thalla na sri!
Attas e, tomhail mar sruth,

A taomagh air Cael na ncruaí-bheum.
An taobh carric chosach, air Lona,
Mo chaochan, nan sruthan cróm,
Glas, a nciabh na h' aose,

'Ta Claon-mhal, Ri clarsich nam fon.
O s'cion ta cran-darrach na mfuaim,
Agus siubhal nan rua-bhoc sliom,
'Ta forum na sri' na chluais
'Sé 'g àomagh a nsmuina nach tiom:
An sin bith do thalla, Shul-mhalla,

Gus an ilsich forum na mbeum :
Gus am píl mi, an lassa na cruai',

O thruscan dubhra na bein:

On cheäch do thrussas o Lona
Ma choni mo ruin fein.

Thuit cath-soluis air anam na h'oi,
Las i suas, fa' choir an Ri:

Thionta i a h' aighai ri Cathmor,
A ciabh-bhóg ans' na h' osna a sri?
Reupar iulluir nan speür ard,
O mhor-sruth gaoith na ndlean;
Nuair chi' é na ruai-bhuic, fa' choir,
Clan elid na mfaoin bhean,

Mu ntionta Cathmor na ncruai-bheum,
On d' srí mu n' erich dan.-
Faicimse u, ghasgaich na ngeur lan,
O thruscan an dubhra dú',
Nuair thogas ceo mu m' choni fein,
Air Lona na n' ioma srú'?

Nuair s' fadda, o m' shuil, u sheoid!
Puail coppan na mfuaim ard.
Pillé solas, do m' anam, 's é nceö

'S mi aig aoma air carric liom fein:

Ach mo thuit u-mar ri coigrich ata mí! Thigga' do ghuth o neoil,

Gu oi Inis-uina, 's i fan.

Og-gheug Lumoin an fheur,

Com dh'aoma tu, 'nstrachda nan sian? 'S tric thionta Cathmor ó nbhlar

Du'-thaomagh air aighai' nan sliabh.

Mar mhellain, do m' fein, ta sleagh nan lót,

'S iad prunagh air cós nan sciath;
Dh' erim, mo sholluis, on d' shrí;
Mar thein-oicha, o thaoma nan niäl
Na píls a dheo-ghreina, on ghlean
Nuair dhluthichas forum na ncolg:
Eagal teacha do nabhad o m'lamh,
Mar theich iad, o shiean' sra' na m Bólg,

Chualas le Sonmór air Cluanar,

Thuit fa Chormac na ngeur lan,

Tri lo dhorch an Ri,

Mu n' fhear, a gh'aom an sri na glean.

VOL. II.

Chuinac min-bhean, an són a nćeo.
Phrosnich sud d'i siubhal gu sliabh,
Thog i bogha, fos n' iosal,

Gu dol marri laoch nan sciath.
Do n' ainir luigh dubhra air Atha,
Nuair shuilagh a ngaisgach gu gniomh.

O cheud sruthan aonach na h'oicho,
Thaom siol Alnecma sios.

Chualas scia' chasmachd an Ri,
Mhosguil a n' anam gu sri'

Bha' an siubhal, a mforum nan lan,

Gu Ullin, talamh na ncran.

Bhuail Sónmór, air uari', an sciath
Cean-feona na mborb thriath.
Na ndeabh, lean Sul-allin

Air aomaa mfras,

Bu sholus ís, air aonach,

Nuair thaom iad air gleanta glas:
Ta ceamna flathail air lóm,
Nuair thog iad, ri aghai nan tóm.
B' eagal d'i sealla an Ri—

Dh' fhag i, 'n Atha na mfri'.

Nuair dh' erich forum na mbeum,
Agus thaom iad, sa cheille, sa chath,
Loisg Sonmor, mar theina nan speur,
Thanic Sul-aluin na mflath.

A folt scaoilta, sa n' osna,

A h'anam aig osparn mon' Ri.

Dh'aom é an t'shri' mu rún nan laoich,
Theich nabhad fa' dhubhra nan speur

Luigh Cluanar gun fhuil,

Gun fhuil, air tigh caoil gun leus.

Ni n' d' erich fearg Shon-mhor nan lán,

Bha' lo gu dorcha, 's

gu

mál:

Ghluais Sul-allin mu gorm-sru' fein,

A suil an reachda nan deuir.

Bu lionmhar a sealla, gu caoin
Air gaisgach sabhach nach faoin.
Ach thionta i a suillin tla,
2 A

« ZurückWeiter »